Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1152TUAIRISGEUL:Caibeal an Naoimh Dubhthaich, no Colaiste Eaglais an Naoimh Dubhthaich, ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh a thogail eadar 1370 agus 1458 airson naomh-chomhan Dhubhthaich, naomh a bha beò tràth sna meadhan linntean agus a rugadh ann am Baile Dhubhthaich. 'S ann air a' mhachair air taobh an ear-thuath a' bhaile a bha an caibeal a bh' ann an toiseach. Nuair a chaidh a sgrios le teine ann an 1427, chuireadh crìoch gu luath air an eaglais ùir ann am meadhan a' bhaile a thogail. Tha tobhta caibeil eile a tha nas lugha anns an oisean an ear-dheas innte.
Anns na meadhan linntean, bha an eaglais cudromach a thaobh eilthireachd. B' e an Rìgh Seumas IV an neach a b' ainmeile a bhiodh a' tighinn thuice agus thàinig esan iomadh uair eadar 1493 agus 1513. An dèidh an Ath-leasachaidh ann an 1560, sguir an eilthireachd, agus chuireadh an togalach gu feum mar eaglais na sgìre. Nuair a thogadh eaglais ùr dhan sgìre ann an 1815, chaidh an t-seann eaglais a dholaidh, ach chaidh a leasachadh anns na 1870an, agus chuireadh uinneagan le glainne dhathach innte. Tha i a-nis na pàirt dhen Ionad Luchd-Turais "Tain through Time"ÀITE:Baile DhubhthaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Baile DhubhthaichNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33075KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath