Sealladh de Thaigh-Òsta Port an t-Sròim bho Loch Carrann

Sealladh de Thaigh-Òsta Port an t-Sròim bho Loch Carrann

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1162 TUAIRISGEUL: Air a' chairt seo chithear an taigh mòr stuadhach le trì ìrean ris an cante aig aon àmTaigh-Òsta Port an t-Sròim. Chaidh an togalach seo air taobh Loch Carrann, a dhealbhachadh le Alasdair Ros, agus thogadh e mu 1872, le atharraichean ann an 1882. Bha e ann an deagh àite do luchd-turais a thigeadh air an trèan neo air an aiseag, oir bha e faisg air stèisean Port an t-Sròim agus air an t-seann chidhe aig an t-seirbheis aiseig a bh' ann aig aon àm. Chaidh an togalach a dhroch mhilleadh ann an teine anns na 1990an, ach thathar a-nis ga chur air dòigh. Nuair a chaidh rathad a' Chaoil a dhùnadh ann am maoimean-slèibhe 2012, ge-ta, chaidh an t-aiseag a chur ann a-rithist greiseag airson luchd-siubhail, gu h-àraid clann na sgoile, gan sàbhaladh bho astar mòr rathaid a h-uile latha. ÀITE: Port an t-Sròim SGÌRE: Taobh an Iat Dheas Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Aillse NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33085 KEYWORDS_GAELIC: