An Àrd-Shràid on taobh an ear, Baile Dhubhthaich

An Àrd-Shràid on taobh an ear, Baile Dhubhthaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1188 TUAIRISGEUL: Àrd-Shràid ann am Baile Dhubhthaich, chun an Taigh-Òsta Rìoghail aig a ceann. 'S e Ionad nan Cìsean a th' anns an togalach àrd binneineach air taobh dheas an taigh-òsta. Thogadh e eadar 1706 agus 1733 mar ionad rianachd dhan bhaile. Air an taobh dheas dhen dealbh tha Carragh-Cuimhne a' Mhoirich, a thogadh ann an 1879 mar chuimhneachan air Coinneach Moireach à Gàan a bha na phròbhaist ann am Baile Dhubhthaich. 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann. A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach ÀITE: Baile Dhubhthaich SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Baile Dhubhthaich CREATOR (AV): J Valentine & Co. LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33111 KEYWORDS_GAELIC: