Bràigh na Coille(The Woodie Brae), Baile Dhubhthaich

Bràigh na Coille(The Woodie Brae), Baile Dhubhthaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1193 TUAIRISGEUL: Bràigh na Coille faisg air Baile Dhubhthaich. Tha Baile Dhubhthaich air a thogail air fearann còmhnard, àrd le leathad a' dol sìos chun na machrach faisg air a' mhuir. Eadar na dhà tha earrann choillteach bheag ris an canar san sgìre Bràigh na Coille (The Woodie Brae). Tha craobhan castain, giuthais, pleantrain, teile agus faidhbhile anns a' choillidh, agus tha an talamh air a chòmhdach le fuath-mhucan agus sòbhragan as t-searrach. 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann. A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach ÀITE: Baile Dhubhthaich SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Baile Dhubhthaich NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33116 KEYWORDS_GAELIC: