Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1200TUAIRISGEUL:Inbhir-Àiliginn, baile beag air taobh a tuath Loch Àrd Thoirbheartan, le druim beanntan Liathaich aig ceann an loch. 'S e pàirt de dh' Inbhir-Ailiginn a th' ann an Cùil Daraich. Tha an sgìre air leth breagha, agus luchd coiseachd nam beanntan, luchd-togail-dhealbh, geòlaichean agus luchd-eòlais nàdair dèidheil air.
Tha Druim Liathach a' ruighinn 1,054m (3, 456 troigh) aig a' ghob as àirde. Tha e na phàirt de bheanntan Thoirbheartan, cuid de na beanntan as àirde ann am Breatann, agus a rèir coltais tha iad am measg nam beanntan as sine san Roinn Eòrpa. Tha na beanntan air an dèanamh de chloich-ghainmhich Thoirbheartanaich gu ìre mhòr, le cuid dhiubh le mullach de dh'èiteig ghil, agus creagan de Gneiss Leòdhasach aig am bonn. Am measg nam beanntan tha Beinn Ailiginn (985m no 3,230 troigh), na naoi binneinean de Bheinn Eighe, a tha 'g èirigh gu 1010m (3,313 troigh) aig Ruadh-Stac Mòr; agus na seachd binneinein de dhruim Liathach, 1,054m (3,456 troigh) aig a' ghob as àirde. Tha ionad turasachd ann an Toirbheartan le Urras Nàiseanta na h-Alba aig a bheil a' mhòr-chuid dhen tìr anns an sgìreÀITE:Inbhir ÀiliginnSGÌRE:Loch CarrannSIORRACHD/PARRAIST:ROS: A' ChomraichNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33123KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath