Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1258TUAIRISGEUL:Sa chairt-phuist seo, air a postadh ann an 1926, chithear sealladh air baile Shrath Pheofhair o Thaigh-òsta Beinn Uais. 'S e Eaglais Shaor na h-Alba, air a fosgladh ann an 1886, a tha ann an taobh chlì an deilbh. Chaidh Taigh-òsta Beinn Uais fhosgladh ann an 1887 gus rumannan a thairgse do luchd-turais uachdranach a thàinig a thadhal air an spà ainmeil. Tha e na laighe ann an raon mòr de thalamh, le geataichean àlainn aig an dol-a-steach a tha a' treòrachadh an neach-tadhail suas craobh-shlighe chun an dorais a th' ann am portico.
Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uamhais (3431 troigh, 1046 meatair) agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim chumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair na ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaigh.
'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs baile Srath Pheofhair ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheadhain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819. Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaigh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.
An-diugh tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd, Pàilleann Spà Shrath Pheofhair agus Rùm Uarach a' Phumpa far am faod luchd-turais aon uair eile na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainnÀITE:Srath PheofhairSGÌRE:Inbhir PheofharainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: FothraitidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33184KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath