Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1260TUAIRISGEUL:A' coimhead chun a' chnuic dhen ainm Cnoc Fearralaidh, chithear baile Shrath Pheofhair. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uamhais (3431 troigh, 1046 meatair) agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim chumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair na ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaigh. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs baile Srath Pheofhair ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaigh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach.
Tha Cnoc Fearralaidh na chnoc bheag, bhinneanach, 579 troigh (190 meatair) ann an àirde, dà mhìle an ear air Srath Pheofhair. Tha a' chreag ioma-fhìllte cha mhòr dìreach air a cliathaichean deas is tuath, 's i na seasamh aig ceann na droma air a bheil Druim Chat, agus tha làrach dhaingneach-cnuic loisgte o Linn an Iarainn air a mullach. Tha rèidhlean cruith-uighe ann, le clachan togte aig gach ceann, air a chuairteachadh le tiùrran mòra de chloich loisgte, a bha uaireigin na loidhne de dhìdeanan. San ionad sin tha lorg ann air togalaichean eile loisgte agus air seann tobair. Thuirt cuideigin gur dòcha gur e tobhtaichean prìomh àite-fuirich aig Fionn, a fhuair cliù tro Oisean, a tha ann an Cnoc Fearralaidh.
Tha grùnn mhìneachaidhean ann a' feuchainn ri innseadh mun dòigh leaghaidh chlachan no 'vitrification'. 'S e fear dhiubh seo gur ann o losgadh thogalaichean fiodha, 's dòcha aig cinneadh rin taobh, a thàinig an leaghadh cloiche. Tha fear eile ag ràdh gur ann le clachan sgaoilte a chaidh an daingneach a thogail bho thùs, agus gur e ionad freacadain agus stèisean solais-rabhaidh a bhiodh ann le cho àrd 's a bha e. 'S dòcha gur e teine nan solas-rabhaidh ag obair air measgadh de chlachan le èidhir làidir troimhe a thug dhaibh fios air losgadh is leaghadh chlachan.
Tha Cnoc Fearralaidh den t-seòrsa chnoc far an lorgar daingnich de chlach leaghte, le cho follaiseach 's a bha iad agus aig an robh sealladh farsainn. Tha eisimpleirean eile dhiubh ann aig Cnoc an Òrd, Ceasag a Tuath, agus ann an Creag Phàdraig, faisg air Inbhir Nis. O mhullach Chnoc Fearralaidh gabhaidh Linne Chrombaigh agus Sùdraichean Chrombaigh fhaicinn chun an ear; chun an deas, Loch Usaidh, agus, na dhoimhneachd, a' chlach leis an do dh'innis Fiosaiche Bhrathainn an fhàisneachd aige; gu 'n taobh an iar, beanntan Rois an Iar; agus gu tuath, Beinn Uamhais agus gleann Srath Pheofhair air a bheulaibhÀITE:Srath PheofhairSGÌRE:Inbhir PheofharainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: FothraitidhLINN:1890anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33186KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath