Caisteal Leòid, Spà Srath Pheofhair

Caisteal Leòid, Spà Srath Pheofhair

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1301 TUAIRISGEUL: Sealladh air Caisteal Leòid, taigh-tùire an cumadh-L le coig-làir ann beagan gu tuath air baile Srath Pheofhair. Thathas ag ràdh gur e an caisteal slàn as sine ann an Alba. Thathas a' creidsinn gun deach am pìos as sine dhen chaisteal a thogail san 12mh linn air làrach seann dùn Chruithneach. Chaidh leasachadh a dheànamh le Sir Ruairidh MacCoinnich, 'Tutor of Kintail', mu 1606, agus bha e an uair sin na chathair chinneadh aig Iarlan Chrombaidh. Chaidh a thogail bho thùs air adhbharan dìon agus, mar sin, cha robh slighe a-steach air an làr-urlair. Bha staidhre-fàraidh a' dol chun a' chiad ùrlair air taobh a-muigh an togalaich. Bha barrachd teàrnaidh ann le na ballachan de chlach-ghainmhich ruadh is iad ochd troighean a dhoimhneachd. Beagan an dèidh dhan prìomh thogalach a bhith deiseil, chaidh a leudachadh a-staigh ann an cumadh-L gus staidhre na bu mhotha is seòmraichean-cadail eile a ghabhail. Thug seo cumadh ceàrnach air a' chaisteal. Tha ceann-taighe staidhreach air gach ceann-L, le iomall air le clachan-taic agus dà thùr air le mullaichean bideanach sna h-oiseanan. Thar a' phrìomh shlighe a-steach, tha dà chloich le suaicheantas Chlann MhicCoinnich snaidhte orra, is na ciad litrichean aig Sir Ruairidh agus a bhean, leis an deit 1616. Chaidh an togalach a chleachdadh anns an 18mh linn, ach chaidh ath-leasachadh anns an 19mh linn nuair a chaidh leasachaidhean a dheànamh gu h-ìosal air na cinn a deas, a tuath agus siar. Fhuair an togalach leudachadh eile ann an 1912. Tha Iarla Chrombaidh an-duigh a' gabhail còmhnaidh sna pàirtean fo linn Bhictoria is Eideird dhen togalach leis an teaghlach aige. Tha tòrr dhe na ballachan air an còmhdachadh le fiodh, le dealbhan de Chlann MhicCoinnich is seann uidheamachadh. Air a' chiad làr tha talla mòr le cagailt bhrùideil is cathraichean cloiche aig gach ceann dheth. Fodha, tha cealla, le doras làidir daraich. Tha Caisteal Leòid ann am pàirc mhòir le craobhan ciatach mar an darach, uinnseann, craobh-shice agus geanmchnò nam measg ÀITE: Srath Pheofhair SGÌRE: Inbhir Pheofharain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Fothraitidh CREATOR (AV): J Valentine & Co. LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33229 KEYWORDS_GAELIC: