Beinn Uais à Srath Ghairbh

Beinn Uais à Srath Ghairbh

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1302 TUAIRISGEUL: Sealladh air Beinn Uais à Srath Ghairbh. 'S e Rothach a th' ann am Beinn Uais (a' ciallachadh 'Beinn Bhrùideil) is i 3431 troigh (1046 meatair) a dh'àirde. Ag èirigh bho bhonn leathann, le guailnean farsaing gu mullach rèidh fada, 's e sreath de mhullaichean a tha seo gu ceart, a' phàirt as motha leis an ainm Glas Leathad Mòr. Tha a' bheinn deànte le Moine schist, air a mheasgachadh le Gneiss Leòdhasach. Tha caochladh fiadh-bheatha air a bruthaichean, le còrr is 170 seòrsa lusan, is còinneach mholach nan lùib. Am measg nam beathach air Beinn Uais tha an ruadhag agus am fiadh, an taghan is an geàrr, is tha i cuideachd a' toirt dachaigh don fheadag bhuidhe, cearc-fhraoich, fitheach is an tàrmachan. Eadhon am meadhan an t-samhraidh, chithear breacadh sneachda air na coireachan gu tuath air Beinn Uais. Sgrìobh fear a bha ag obair aig an New Statistical Account an 1838 gun robh "the principal proprietor holds his right of possession from his Majesty, on condition of presenting a snow-ball at the court of St James' on any day of the year on which it may be required." Mar as trice, bidh luchd-tadhail na beinne a' tighinn thuice à Gairbh, far a bheil an dìreadh nas fhasa. Chithear bho mhullach na beinne Linne Mhoireibh air fad gu tuath is gu sear, agus Am Monadh Ruadh gu deas agus na beanntan Fanaich gu siar ÀITE: Srath Ghairbh SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1970an; 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33230 KEYWORDS_GAELIC: