Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1355TUAIRISGEUL:An cidhe ann an Tannara, fear de na h-Eileanan Samhraidh a tha mu choinneimh Bàigh Bhad an Tairbeirt faisg air Aichillidh Bhuidhe. Thàinig an dealbh seo bho dhealbh ghràbhailte ann an stàilinn le Uilleam Daniell san leabhar 'A Voyage Round Great Britain Undertaken Between the Years 1813 and 1823' le Ridseard Ayton agus Uilleam Daniell.
Is e Tannara Mhòr an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Samhraidh agus bha sluagh de 119 a' fuireach ann sa bhliadhna 1881. Bha e a phort iasgaich soirbheachail tràth san 20mh linn ach thàinig crìonadh mòr air a' bhaile nuair a thrèig an sgadan Loch Bhraoin. Chan eil duine a' fuireach air an eilean fad na bliadhna a-nis ged a tha grunn thaighean samhraidh aig daoine ann. Tha a sheirbheis phuist fhèin aig an eilean cuideachd, a bhios a' foillseachadh stampaichean nan Eileanan Samhraidh.
A bharrachd air Tannara Mhòr, tha Tannara Bheag ann cuideachd cho math ri mu dhà dhusan eilean a tha nas lugha. Ruigear cuid de na h-eileanan air bàta bho Ulapul no bho Aichillidh Bhuidhe rè mìosan an t-samhraidh. Bidh iomadh duine aig a bheil ùidh ann an nàdar a' tadhal air na h-eileanan gus na h-eòin, flùraichean agus pèileagan fhaicinn. Rinn an t-eòlaiche nàdair Sir Frang Friseal Darling (1903-1979) rannsachadh air fiadh-bheatha Loch Bhraoin is an sgìre faisg air fad iomadh bliadhna agus sgrìobh e 'Island Farm' mu bhith a' ruith tuathanas ann an Tannara eadar 1936 is 1944ÀITE:Na h-Eileanan SamhraidhSGÌRE:Loch BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinCREATOR (AV):William DaniellLINN:1820anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries - Illustrated postcardsID Maoin:33281KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath