Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1359TUAIRISGEUL:eoc Cuimhneachaidh Sir J A Fowler ann an Ulapul. Chaidh an cleoc, a th' air a dhèanamh à iarann molldaichte, le dà lampa agus coileach-gaoithe air, a chur suas ann an 1899 mar chuimhneachan air Sir Iain Artar Fowler (1817-1898) agus a theaghlach. Bha Sir Iain a' fuireach ann an Taigh a' Bhràigh Mhòir faisg air a' Choire Shalach. 'S e innleadair a bh' ann, a rugadh ann an Sheffield agus a dhealbhaich iomadh rèile agus Drochaid-rèile Uisge Fhor.
Chaidh uidheam a' chleoc a dhèanamh le Dent & Co., Lunnainn, agus bha an cleoc an toiseach air an rathad aig oisean Sràid a' Chidhe is Sràid Earra-ghàidheil. Sna 1960an chaidh a ghluasad gu Sràid Earra-ghàidheil an Iar oir bha daoine a' gearan gu robh e a' cur na trafaig troimhe chèile ach tha e air aithris nach do chùm e ris an uair cho math an dèidh dhaibh a ghluasad. Gu ruig 1995 bha an cleoc air a rothaigeadh le làimh ach an-diugh 's e dealan a tha ga chur gu dolÀITE:UlapulSGÌRE:Loch BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinCREATOR (AV):J Valentine & Co.NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33285KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath