Bothan Bhraoin, Ulapul

Bothan Bhraoin, Ulapul

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1361 TUAIRISGEUL: 'Bothan Bhraoin' ann an Ulapul. Tha e air a thogail san t-seann stoidhle le seòmar air gach taobh dhen doras aghaidh agus trì uinneagan gu h-àrd. Tha ainm, coltach ri Loch Bhraoin, a' tighinn bhon fhacal Gàidhlig 'braon' a' ciallachadh 'àite nam frasan' Tha Ulapul air tràigh a tuath Loch Bhraoin. Thòisich am baile nuair a chaidh a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean an dealbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile. Ged a thàinig crìonadh air gnìomhachas iasgach an sgadain san 19mh linn, chùm Ulapul àite mar bhaile trang mar thoradh air a' chala. An-diugh tha e na cheann-uidhe do sheirbheis aiseag chàraichean Steòrnabhaigh agus tha e na àite tarraingeach do luchd-turais ÀITE: Ulapul SGÌRE: Loch Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Bhraoin NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33287 KEYWORDS_GAELIC: