Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1472TUAIRISGEUL:Loch a' Bhraoin faisg air Ulapul. Tha caoraich ag ionaltradh ann am pàirc ri taobh an locha. Tha an t-ainm 'braoin' a' ciallachadh 'àite nam frasan uisge'. 'S e loch mara fada, cumhang a tha ann an Loch a' Bhraoin agus aig aon àm bha e air a chleachdadh airson iasgach an sgadain. Faisg air beul an locha , tha Ulapul a' toirt acarsaid dhomhainn do bhàtaichean iasgaich agus dhan aiseag a bhios a' dol eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.
'S e measgachadh de chraobhan agus rubhachan creagach a tha ann an cladaichean Loch a' Bhraoin agus chan eil cliù aca airson acarsaidean fasgach idir. Thathar an dùil gur e bleith eigh-shruth a chruthaich na feartan sealladh-tìre aig Loch a' Bhraoin. Tha Loch a' Bhraoin fhèin agus Loch a' Bhraoin Beag ann an glinn agus thathar an dùil gun deach an dèanamh nas doimhne le eigh-shruthan, gam fàgail coltach ri fiordaicheanÀITE:Loch a' BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROSNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33394KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath