Loch a' Bhraoin, Ulapul

Loch a' Bhraoin, Ulapul

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1472 TUAIRISGEUL: Loch a' Bhraoin faisg air Ulapul. Tha caoraich ag ionaltradh ann am pàirc ri taobh an locha. Tha an t-ainm 'braoin' a' ciallachadh 'àite nam frasan uisge'. 'S e loch mara fada, cumhang a tha ann an Loch a' Bhraoin agus aig aon àm bha e air a chleachdadh airson iasgach an sgadain. Faisg air beul an locha , tha Ulapul a' toirt acarsaid dhomhainn do bhàtaichean iasgaich agus dhan aiseag a bhios a' dol eadar Ulapul agus Steòrnabhagh. 'S e measgachadh de chraobhan agus rubhachan creagach a tha ann an cladaichean Loch a' Bhraoin agus chan eil cliù aca airson acarsaidean fasgach idir. Thathar an dùil gur e bleith eigh-shruth a chruthaich na feartan sealladh-tìre aig Loch a' Bhraoin. Tha Loch a' Bhraoin fhèin agus Loch a' Bhraoin Beag ann an glinn agus thathar an dùil gun deach an dèanamh nas doimhne le eigh-shruthan, gam fàgail coltach ri fiordaichean ÀITE: Loch a' Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33394 KEYWORDS_GAELIC: