Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1500TUAIRISGEUL:An rathad gu Ulapul air Loch a' Bhraoin, leis na h-Eileanan Samhraidh air fàire. Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbhadh ann an cruth ceàrnagach agus am measg nan togalaichean ùra bha taighean-saillidh, taighean-stòraidh, cidhe agus taigh-sgoile.
An toiseach, bha am baile iasgaich ùr soirbheachail ach aig toiseach na 19mh linn dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin agus anns na 1830an bha an gnìomhachas a' tòiseachadh air lùghdachadh. Anns an 20mh linn, ge-tà, bha Ulapul cudromach a-rithist an uair a thòisich bàtaichean iasgaich bhon taobh an ear air an acarsaid a chleachdadh mar àite fasgach air an iar.
Anns na 1970an agus na 1980an fhuair eaconamaidh a' bhaile togail an uair a thòisich bàtaichean iasgaich mòra bho Thaobh Sear na Roinn Eòrpa air tighinn ann. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe fhathast aig teis-mheadhan beatha a' bhaile, bhon a tha aiseag charbadan Steòrnabhagh a' tighinn gu Ulapul. Tha an sealladh-tìre àlainn agus gach cothrom a tha ann airson coiseachd anns na beanntan anns an sgìre mun cuairt air Ulapul a' ciallachadh gu bheil luchd-turais dèidheil air Ulapul.
Dìreach an taobh shuas de dh'Ulapul, mu choinneamh Aichillidh Bhuidhe, tha mu dhà dhusan eilean ann, agus gheibhear gu cuid dhiubh sin le bàta o Aichillidh Bhuidhe no Ulapul rè mìosan an t-samhraidh. Tha eòlaichean nàdair deidheil air na h-Eileanan Samhraidh airson nan eun, dìtheanan, ròin agus leumadairean a tha air agus timcheall orraÀITE:UlapulSGÌRE:Loch BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33421KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath