Ulapul

Ulapul

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1507 TUAIRISGEUL: Dealbh de dh'Ulapul air taobh a tuath Loch a' Bhraoin. Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbhadh ann an cruth ceàrnagach agus am measg nan togalaichean ùra bha taighean-saillidh, taighean-stòraidh, cidhe agus taigh-sgoile. An toiseach, bha am baile iasgaich ùr soirbheachail ach aig toiseach na 19mh linn dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin agus anns na 1830an bha an gnìomhachas a' tòiseachadh air lùghdachadh. Anns an 20mh linn, ge-tà, bha Ulapul cudromach a-rithist an uair a thòisich bàtaichean iasgaich bhon taobh an ear air an acarsaid a chleachdadh mar àite fasgach air an iar. Anns na 1970an agus na 1980an fhuair eaconamaidh a' bhaile togail an uair a thòisich bàtaichean iasgaich mòra bho Thaobh Sear na Roinn Eòrpa air tighinn ann. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe fhathast aig teis-mheadhan beatha a' bhaile, bhon a tha aiseag charbadan Steòrnabhagh a' tighinn gu Ulapul. Tha an sealladh-tìre àlainn agus gach cothrom a tha ann airson coiseachd anns na beanntan anns an sgìre mun cuairt air Ulapul a' ciallachadh gu bheil luchd-turais dèidheil air Ulapul ÀITE: Ulapul SGÌRE: Loch Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Bhraoin CREATOR (AV): J Valentine & Co. LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33428 KEYWORDS_GAELIC: