Tràigh is Sràid, Inbhir Theòrsa le Caisteal Inbhir Theòrsa ri cùl na deilbhe

Tràigh is Sràid, Inbhir Theòrsa le Caisteal Inbhir Theòrsa ri cùl na deilbhe

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1643 TUAIRISGEUL: Cairt-phuist den thràigh is den sràidireachd, Inbhir Theòrsa. Chithear Caisteal Inbhir Theòrsa ri cùl na deilbhe. Is e Inbhir Theòrsa, a tha suidhichte air a' Chuan Arcach ann am bàgh brèagha fasgach Inbhir Theòrsa, am baile as fhaide a tuath air tìr-mòr na h-Alba. Chaidh baile Inbhir Theòrsa a stèidheachadh bho chionn fhada ri linn nan Lochlannach agus bha e na bhaile Lochannach cudromach mar phrìomh shlighe a-steach do thìr-mòr na h-Alba. Chaidh a' chiad Chaisteal a thogail ann an Inbhir Theòrsa mun bhliadhna 1660 ach chaidh taigh mòr le coltas caisteil a thogail na àite bhon uair sin agus chan eil mòran air fhàgail den t-seann chaisteal. Tha tobhta an togalaich fhathast gu math follaiseach os cionn a' bhaile. Cha deach na pàirtean ùra den chaisteal a thogail gu math agus mar thoradh air seo, chaidh pàirt mhòr den chaisteal a leagail ann an 1952 airson adhbharan sàbhailteachd a chionn 's gun robh an deagh chuid dheth air fàs cunnartach ÀITE: Inbhir Theòrsa SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Theòrsa NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33566 KEYWORDS_GAELIC: