Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1677TUAIRISGEUL:Cairt-phuist de Chaisteal Inbhir Theòrsa.
Chaidh a' chiad Chaisteal a thogail ann an Inbhir Theòrsa mun bhliadhna 1660 ach chaidh taigh mòr le coltas caisteil a thogail na àite bhon uair sin agus chan eil mòran air fhàgail den t-seann chaisteal. Tha tobhta an togalaich fhathast gu math follaiseach os cionn a' bhaile. Cha deach na pàirtean ùra den chaisteal a thogail gu math agus mar thoradh air seo, chaidh pàirt mhòr den chaisteal a leagail ann an 1952 airson adhbharan sàbhailteachd a chionn 's gun robh an deagh chuid dheth air fàs cunnartach.
Is e Inbhir Theòrsa, a tha suidhichte air a' Chuan Arcach ann am bàgh brèagha fasgach Inbhir Theòrsa, am baile as fhaide a tuath air tìr-mòr na h-Alba. Chaidh baile Inbhir Theòrsa a stèidheachadh bho chionn fhada ri linn nan Lochlannach agus bha e na bhaile Lochannach cudromach mar phrìomh shlighe a-steach do thìr-mòr na h-AlbaÀITE:Inbhir TheòrsaSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: Inbhir TheòrsaNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33599KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath