An Cala, Inbhir Ùige

An Cala, Inbhir Ùige

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1702 TUAIRISGEUL: Cairt a' sealltainn cala Inbhir Ùige, làn de bhàtaichean-sgadain. Aig aon àm a bha Inbhir Ùige am measg prìomh phuirt-sgadain ceann a tuath Alba. Bhiodh na ceudan de bhàtaichean a' faighainn fasgadh anns a' chala. Aig amannan, bhiodh còig mìle deug de shluagh ann an Inbhir Ùige, nam measg iasgairean, agus na boireannaich a bhiodh a' cutadh agus a' pacaigeadh an èisg. Ged a bha Inbhir Ùige na Bhaile-Saor Rìoghail bho 1589, chaidh a stèidheachhadh fada roimhe sin, mar a chithear on ainm Lochlannach "Vik", a' ciallachadh bàgh. Tha e air costa an ear-thuath na h-Alba, 19 mìle a deas air Taigh Iain Ghròt ÀITE: Inbhir Ùige SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Ùige NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33624 KEYWORDS_GAELIC: