Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1818TUAIRISGEUL:Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh-òsta Taigh Iain Ghròt, an taigh mu dheireadh ann an Alba, an laimrig agus an Caol Arcach.
Is e Taigh Iain Ghròt am baile air tìr-mòr Bhreatainn a tha as fhaide air falbh bho Land's End. Tha 876 mìle eadar an dà bhaile.
Tha an Caol Arcach eadar Gallaibh is Arcaibh. Thathar a' smaoineachadh gun tàinig ainm Beurla a' Chaol Arcaich, Pentland Firth, on ainm Pictland Fjord. Tha an Caol ainmeil airson neart a sheòl-mhara, a tha air aon den fheadhainn as luaithe air an t-saoghal agus thathar air astar de 16 mìle-mara (30 cil san uair) a chlàradh faisg air taobh an iar nam Pentland Skerries. Bidh neart an tìde-mara ag adhbharachadh cur thairis agus bras-shruthan aig diofar amannan rè an làn-mharaÀITE:Taigh Iain GhròtSGÌRE:Gallaibh a TuathSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: CanasbaighNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33740KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath