An Clachan, Am Blàran Odhar

An Clachan, Am Blàran Odhar

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1835 TUAIRISGEUL: 'S e seo cairt-phuist a' sealltainn A' Chlachain aig A' Bhlàran Odhar. 'S e abairt chumanta a th' ann an 'clachan' agus mar as trice bidh e air a chleachdadh a' bruidhinn mu fhearainn leis na buadhan a leanas: 1. Baile beag le grunn thaighean còmhla ri chèile. 2. Nuair nach eil eaglais, bùth no sgoil anns an àite. 3. Mar as trice tha dlùth-cheanglaichean eadar teaghlaichean a bhios a' fuireach anns a' chlachan. 4. Chaidh am fearann timcheall a' chlachain a chumail fo ghabhaltas ris an canar mar bu trice an Rundale System - far am biodh measgachadh fearainn aig gach tuathanach a bha a' fuireach anns a' chlachan le pìosan a bha math, meadhanach agus truagh aig gach fear dhiubh. 5. Bhiodh am fearann a bha na b' fheàrr mar as trice faisg air na taighean agus 's e am baile-geamhraidh a bh' aca air - bhiodh am fearann a bha na bu thruaighe mar as trice na b' fhaide air falbh bho na taighean air an iomall. 6. Bha pìosan den fhearann ri chleachdadh leis a h-uile duine, me am fearann timcheall air na taighean agus monadh. 7. Bha am monadh air a chomharrachadh do gach duine mar shuman - me bha aon shum a' ciallachadh gum b' urrainn do thuathanach bò no àireamh chaoraich ionaltradh. Bha an àireamh shuman a bh' aig tuathanach ceangailte ris an fhearann a bh' aige anns a' bhaile-gheamhraidh no air an iomall. 'S e baile rudeigin 'ùr' a th' anns A' Bhlàran Odhar. 'S e Fàrr a bh' anns a' chiad bhaile anns an sgìre a tha a-nis na sgìre croitearachd mìleair an ear A' Bhlàran Odhar fhèin seachad air gainmhich Bàgh Fàrr ach b' e na Fuadaichean a dh'atharraich gnothaichean. Tha Abhainn Nàbhair a' ruigsinn na mara an seo à Srath Nàbhair. 'S e tèarmann-nàdair cudromach a th' ann an Inbhir Nàbhair agus Bàgh Thorrasdail a tha an iar air A' Bhlàran Odhar. Tha aon de na làraich luibheach as cudromaiche ann an Alba eadar na h-aibhnichean Borghaidh agus Nàbhair. ChaidhTèarmann-nàdair Nàiseanta Inbhir Nàbhair a chomharrachadh ann an 1960 ach 's e SSSI a th' ann an-diugh. 'S e seann sgìre clàraidh agus clèireach a th' ann an Cataibh agus an-diugh tha e na phàirt de sgìre riaghaltais ionadail na Gàidhealtachd ÀITE: Am Blàran Odhar SGÌRE: Tunga agus Fàrr SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Fàrr NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33756 KEYWORDS_GAELIC: