Dòrnach sa gheamhradh, on iar-thuath

Dòrnach sa gheamhradh, on iar-thuath

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1897 TUAIRISGEUL: Sealladh air Dòrnach sa gheamhradh. Tha baile Dhòrnaich na sheasamh aig beul Linne Dhòrnaich agus bha e uaireigin na phrìomh àite-riaghlaidh do shiorrachd Chataibh. 'S e baile tràghad nan saorlaithean a th' ann an-diugh, le dà chùrsa goilf, tràigh gainmhich, grùnn thaighean-òsta agus measgachadh de bhùithtean. A-measg a sheann togalaichean tha cathair-eaglais Dhòrnaich, lùchairt easbaig, taigh-cùirte agus seann phrìosan a' bhaile. Gabhaidh cathair-eaglais Dhòrnaich fhaicinn gu h-àrd clì san dealbh. Chaidh a chur air bhonn le Gilbeart de Morabhia (no Mhoireibh), easbaig Ghallaibh san treas linn deug. Chaidh a' chathair-eaglais a sgrios le teine ann an 1570 nuair a loisg Clann 'Ic Aoidh Srath Nabhair tòrr den bhaile. Bha an togalach gun mhullach gu ruig 1616 nuair a fhuair pàirtean den chathair-eaglais mullach ùr gus an gabhadh a cleachdadh mar eaglais na paraiste. Tha an togalach mar a tha e an-diugh mar thoradh air ath-ùrachadh a dh'òrdaich Ealasaid, Ban-chunnt Chataibh agus a chaidh a dhèanamh le Uilleam Burn ann an 1835-37. An-diugh 's e eaglais pharaiste Eaglais na h-Alba a th' ann an cathair-eaglais Dhòrnaich. ÀITE: Dòrnach SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Dòrnach NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Libraries CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33812 KEYWORDS_GAELIC: