Caisteal Dhùn Tuilm, Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

Caisteal Dhùn Tuilm, Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2225_AT TUAIRISGEUL: Tha Caisteal Dhùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach, faisg air a' ghob an taobh an iar-thuath Rubha Thròdarnais, agus 26 mìle tuath air Port Rìgh. 'S e dùn o Linn an Iarainn a bh' ann o thùs a chaidh a ghlèidheadh leis na Lochlannaich, agus fhuair e an t-ainm "Dùn Daibhidh" o cheann-cinnidh Lochlannach a bha fuireach ann. Chuireadh cùl ris nuair a rinneadh a' chùis air na Lochlannaich anns a' Leargaidh Ghallta. Anns a' 15mh linn agus trath anns an 16mh linn, chàirich Dòmhnall Gorm Morair nan Eilean an caisteal, agus dh'fhàs e na dhaingean aig na Dòmhnallaich. Tha iomradh ann gun robh barail mhath aig an Rìgh Seumas V mun chaisteal agus a shuidheachadh, nuair a thàinig e air chuairt dhan Eilean Sgitheanach ann an 1540. Dh'atharraich sealbh a' chaisteil grunn tursan eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich, an dà chinneadh bu chliùitiche anns an Eilean Sgitheanach, gu àm Blàr Tròndairnis. An dèidh sin, ghlèidh na Dòmhnallaich e gu 1730, nuair a dh'fhàg iad e gus a dhol gu taigh ùr na bu chòfhurtaile am Mogastad, còig mìle air falbh. Thugadh air falbh pàirt dhen chlachaireachd aige agus chaidh a chleachdadh nuair a bhathar a' togail an taighe ùir. ÀITE: Dùn Tuilm SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cille Mhoire DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Andrew Taylor ID Maoin: 34122 KEYWORDS_GAELIC: