Caol Loch Aillse o Chaol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2263TUAIRISGEUL:Tha coltas air Caol Loch Aillse gu bheil e ceangailte ris a' chosta, le beanntan lom gu h-ùdlaidh aig a' chùl, mar a chithear e on Eilean Sgitheanach tarsainn a' chaolais. Tha bàta, is dòcha an Loch Seaforth, ceangailte aig cidhe an rèile. Bhiodh bàtaichean Mhic a' Bhriuthainn, a bhiodh a' tarraing bathar, daoine agus litrichean sìos is suas costa an iar Alba, agus a bha nan seirbheis chudromach do mhòran àiteachan iomallach, a' stad gu cunbhalach anns a' Chaol. Chithear am bàt'-aiseig a bha a' dol eadar an Caol agus Caol Àcain san eilean Sgitheanach a' dèanamh air a' chidhe dìreach fon taigh-òsta. Tro na bliadhnaichean, leudaicheadh Taigh-òsta an Stèisein, a chaidh ath-ainmeachadh mar Taigh-òsta Loch Aillse, o bhith na thaigh mòr aig toiseach an 20mh linn, gu bhith na thogalach le ceithir ìrean fiù 's nas motha na chithear anns an dealbh seo.
Aig an taobh dheas dhen chidhe, suas an cladach, tha caochladh thogalaichean ceangailte ri obair an iasgaich. 'S e Fernbank Works a bh' air an sgìre aig aon àm, far an robh obair-saillidh an èisg, agus bha àite-fuirich ann do luchd-obrach a bhiodh a' siubhal, ann an cuid de na seadaicheanÀITE:Caol Loch AillseSGÌRE:Taobh an Iar Dheas RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch AillseLINN:1940an; 1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34163KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath