Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach o thìr-mòr

Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach o thìr-mòr

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2269 TUAIRISGEUL: Air a togail bho thìr-mòr thar a' chaolais, tha pàirt de bhaile Chaol Àcainn ri fhaicinn ris a' chladach, le Beinn na Caillich air a' chùl. Chaidh an cidhe fiodh, a tha a' dol sìos chun a' chladaich agus deagh phìos dhan mhuir, a thogail gus leigeil le P.S. Glencoe tighinn gu cala, bhon a bha an acarsaid bheag nas fhaide air an làimh chlì na an dealbh, bhon a bha am fear eile neo-fhreagarrach. Cha robh an cidhe fhèin freagarrach na bu mhotha agus rè ùine chaidh e a-mach à cleachdadh, le na earrannan mu dheireadh dheth air an toirt air falbh anns na 1920an. Chithear Taigh-òsta King's Arms air an làimh dheis dhen dealbh. Chaidh an taigh-òsta fhosgladh ann an 1900, agus chaidh a thogail bho dhà thogalach a chaidh a thogail na bu thràithe anns an 19mh linn ÀITE: Caol Àcain SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: An Srath LINN: 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34169 KEYWORDS_GAELIC: