Caisteal a' Mhaoil, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

Caisteal a' Mhaoil, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2287 TUAIRISGEUL: Tha tobhta Caisteal a' Mhaoil na sheasamh os cionn cala Chaol Àcain, far an robh aig aon àm, prìomh shlighe nan aiseagan eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Tha e air a ràdh gun d' fhuair Caol Àcain ainm on rìgh Lochlannach Haakon leis an robh a' chabhlach a chaidh tron chaolas air a slighe dhan Leargaidh Ghallda far an robh am batal cudromach ann an 1263. Chaidh a' chairt seo a chlò-bhualadh le Donnchadh Mac a' Phearsain, eòlaiche-leigheasan a' Chaoil a bha dèidheil air dealbhan camara a thogail. Bha a' bhùth aige, faisg air cidhe na h-aiseig anns a' Chaol, agus b' e deagh àite a bh' ann airson a bhith a' reic chairtean agus ghoireasan turasachd, a bharrachd air stuthan-leigheis àbhaisteach. Chuir Mac a' Phearsain seachad a' chuid bu mhotha dhen ùine a bha saor aige a' rannsachadh agus a' togail dhealbhan anns an sgìre mun Chaol, agus b' fhìor thoigh leis a bhith a' dol dhan Eilean Sgitheanach ÀITE: Caol Àcain SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: An Srath LINN: 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34187 KEYWORDS_GAELIC: