Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2321TUAIRISGEUL:Ged a tha an tiotal ag ràdh Loch Sgabhaig, 's e Loch na Cuilce a th' anns an dealbh seo, le Loch Sgabhaig àrd, agus Eilean Glas, an t-eilean beag anns a' mheadhan. Chithear Loch Coir' Uisg' gu ìre bheag aig a' chùl, agus An Cuiltheann ag èirigh gu stàiteil mun cuairt. On loch, tha Abhainn Sgabhaig, gun teagamh sam bith, air tè de na h-aibhnichean as giorra a tha an àite sam bith, a' sruthadh 400 meatar air uachdar nan clachan cruinne gu Loch na Cuilce. Fad bhliadhnaichean, bha cuairt gu Loch Coir' Uisg' na rud a dh'fheumadh luchd-turais a dhèanamh, agus don fheadhainn nach eil ag iarraidh coiseachd ann, tha cuairt anns a' bhàta bho Ealaghol a' lùghdachadh na dh'fheumte de dh' ùine agus de srì, agus a' dèanamh an turais glè thaitneach. Tha am bàta a' tighinn gu cladach dìreach clì air an abhainn, agus mar sin ruigidh neach oir Loch Coir' Uisg' ann am beagan mhionaideanÀITE:Loch SgàbhaigSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISLINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34221KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath