An t-Eilean Sgitheanach, Loch Scàbhaig agus An Cuiltheann bhon mhuir.

An t-Eilean Sgitheanach, Loch Scàbhaig agus An Cuiltheann bhon mhuir.

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2425 TUAIRISGEUL: Leis a' bhuaidh a th' aig na beanntan ag èirigh suas os cionn na mara, bidh stoirmean borb obann a' tighinn air Loch Scàbhaig. Tha an turas air bàta à Ealaghol tarsainn Loch Scàbhaig gu Loch a' Choir' Uisge air a mheas gu mòr le luchd-turais, luchd-coiseachd agus sreapadairean, agus tha e air a bhith na thuras 'deatamach' do luchd-tadhail Bhioctòrianach an dèidh dha Sir Bhaltair Scott agus Iain MacLulaich tadhal ann tràth sna 1800an. Tha còn biorach Sgùrr nan Gillean a' seasamh a-mach air fàire san dealbh seo, le na sgòthan dorcha a' suathadh air gob a' mhullaich, agus gealltanas air uisge gun a bhith fada às ÀITE: Loch Sgàbhaig SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1920an; 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34331 KEYWORDS_GAELIC: