Bàgh Phort Rìgh is Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach

Bàgh Phort Rìgh is Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2443 TUAIRISGEUL: Tha Loch Phort Rìgh ri fhaicinn an seo, leudachadh mìle ann am faid den Bhàgh fhasgach a tha a' fosgladh o Chaolas Ratharsair. Cha mhòr nach eil an loch gu lèir a' traoghadh nuair a tha an làn ìseal, ga fhàgail gun chus feum mar acarsaid, agus ged a chaidh cidhe a thogail bha feum a-riamh aig soithichean nas motha acair a chur sìos nas fhaisge air beul a' bhàigh agus an luchd-siubhail aiseag gu tìr. Chaidh an sealladh a thogail a' coimhead gu deas taobh Ghleann Bharra-Gill, agus an Cuiltheann pìos às, o Shròn a' Mhill. Tha an rubha seo na chomharra-talmhainn am meadhan Phort Rìgh, gu tric air ainmeachadh mar 'am Meall' agus tha daoine fhathast dèidheil air cuairt ghoirid a ghabhail air, le seallaidhean àlainn air a h-uile taobh, agus a bharrachd air sin 's e seo ionad Gheamachan Gàidhealach an Eilein Sgitheanaich ÀITE: Port Rìgh SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1920an; 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34347 KEYWORDS_GAELIC: