Ceann Mheall??, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2465TUAIRISGEUL:Tha na sgeirean anns an dealbh suidhichte beagan chun an taobh a tuath air Port Rìgh. Tha am Beal, Bile no Biel a tha na thalamh ionaltraidh do chrodh, na laighe fo Dhùn Thòrbhaig. Dh'fhaodadh gun robh an achadh feurach seo a tha air a chuairteachadh le sgeirean àrda aig a' chùl agus a' mhuir air a bheulaibh, na làrach chill no seapail Talorgan a bha na dhuine diadhaidh a-measg feadhainn eile coltach ris a chaidh a thaladh do na h-àiteannan seo a bha aig aon àm iomallach bho chionn fhada.
Tha seann eaglais agus cladh ris an canar am 'Bile Chapel' air ainmeachadh air clàr-Maraichte à 1847 agus ann an 1914 chaidh cunntas a thoirt air tobhtaichean eaglais bheag le ballachan anns an robh 2 throigh 9 òirlich de leud agus air an cuairteachadh le cladh ann an Cunntas Àireamhail a' Pharraist. Gu mi-fhortanach, cha robh air fhàgail ach clach no dhà a bha a' sealltainn gun robh togalach air a bhith ann anns an robh còrr 's 26 troighean a dh'fhaid agus 13 troighean de leud. Chrìonaich an seann chladh a tha gun fheansa nuair a dh'fhosgail an cladh ann am Port Rìgh ann am meadhan an 18mh linn ged a tha aon seann leac-uaighe fhathast ri cheile aig Bile. Tha an leac a' comharrachadh uaigh Riseard MacUilleim, Ceannard-stiùiridh a' Chaiptein air an H.M.S Porcupine a bha na bhàta-sgrùdaidh aig an nèibhi a bha a' dèanamh sgrùdadh agus a' clàradh na mara timicheall taobh an iar thuath Albainn agus nas fhaide air falbh. Tha e coltach gun do chur MacUilleim às dha fhèin anns a' Ghearran 1861 agus 's dòcha gur ann air sgàth 's seo a chaidh a thiodhlacadh taobh a-muigh cladh Phort RìghÀITE:Port RìghSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Port RìghLINN:1920an; 1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34370KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath