Loch an Stòir, An t-Eilean Sgitheanach

Loch an Stòir, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2509 TUAIRISGEUL: Tha sgorran is binneanan an Stòir cho ao-coltach ri uisgeachan rèidh an locha, a tha a' toirt faileas dhuinn dhen chnoc bhrùideil. Tha na creagan annasach is ioma-thaobhach a' leantainn don taobh tuath, suas druim rubha Thròndairnis, a' dèanamh chruthan-talmhainn iongantach ann an aimsir sam bith, ach gu h-àraidh nuair a bhios an ceò, leis a bheil Eilean a' Cheò aithnichte, ag iadhadh 's a' dùnadh timcheall orra. Ach tha lochan an Stòir a' cur neart ris an stèisean bheag cumhachd air an tràigh aig Bàgh Bheararaig a tha a' cur dealan do chuid de sgìrean an Eilein Sgitheanaich ÀITE: Lochan an Stòir SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1970an; 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34417 KEYWORDS_GAELIC: