Sgùrr Alasdair bho Choire Lagain, An t-Eilean Sgitheanach
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2524TUAIRISGEUL:Chan eil Sgùrr Alasdair (992m, 3255 tr.) air prìomh dhruim a' Chuitlhinn, ach is e fear de na trì binneanan gu aon taobh air an iar -dheas, a thathar a' meas mar an t-sreap-chreagan as fheàrr anns a' Chuiltheann. B' e an Siorram Alasdair MacNeacail a' chiad neach a shreap e ann an 1873, agus dh'ainmicheadh a' bheinn mar chuimhneachan air. On as e Sgùrr Alasdair am binnean as àirde anns a' Chuiltheann, tha seallaidhean àlainn bhuaithe air a' chòrr dhen Chuiltheann agus a-mach gu muir gu deas agus an iar, le eileanan Innse Gall rim faicinn air deagh latha. 'S ann o Ghleann Breadail a tha an rathad as bitheanta a ghabhar suas Sgùrr Alasdair, tro Choire an Lagain chun an "Great Stone Chute", leathad cas de sgàirneach far am feumar diongbhaltas agus foighidinn gus am bàrr a ruigsinn, agus an ionnsaigh mu dheireadh a thoirt air faighinn chun an fhìor mhullaich.
Chuir an sgrìobhadair a' chairt seo bho thaigh-òsta nan Caimbeulach, air an t-seann chidhe anns an Àth Leathann, anns an Iuchar 1939, agus tha e ag ràdh "we hope to do some scrambling about in the Coolins"ÀITE:Gleann BhreatailSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISLINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34431KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath