Sgùrr nan Gillean à Sligeachan

Sgùrr nan Gillean à Sligeachan

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2533 TUAIRISGEUL: Gilean bho Sgùrr nan Gillean agus Am Baisteir leis a' chuid mu dheireadh de shneachd an earraich. Is iomadh coisiche agus sreapadair a thòisich air an turus chun an droma, agus air adhart dhan Chuiltheann às a seo. Tha an còn so-aithnichte aig Sgùrr nan Gillean ag èirigh àrd os cionn an uillt aig an àite far an tòisich luchd-coiseachd, agus leis gach ceum tarsainn air a' mhòintich luim, tha mòrachd na beinne a tha ag èirigh o bhonn farsainn a' tighinn am follais. Fad bhliadhnaichean, bhathar dhen bheachd nach gabhadh Sgùrr nan Gillean a shreap, gus an do ràinig an t-Ollamh Seumas Foirbeis, agus Donnchadh Mac an t-Saoir, forsair on sgìre, am mullach, anns an Iuchar 1836 ÀITE: Sligeachan SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34439 KEYWORDS_GAELIC: