Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2539TUAIRISGEUL:Tha daoine air a bhith den bheachd bho chionn fhada gur e Sligeachan prìomh bhaile an Eilean Sgitheanaich airson sreapadaireachd. Bidh iomadh neach-sreap is neach-turais a' tòiseachadh air tursan don Chuiltheann às an àite seo. Tha an sreath bheanntan os cionn a' bhaile na dheagh chùlraon don deilbh le bidean Sgùrr nan Gillean, a tha 3165 troighean (964m) a dh'àird, ri fhaicinn gu follaiseach. Ged a tha Sgùrr nan Gillean air aon de na beanntan as dorra a shreap, bha i air aon den fheadhainn a chaidh shreap an toiseach. Ann an 1836, shreap JD Foirbeis, Àrd-ollamh Eachdraidh Nàdarra aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Donnachadh Mac an t-Saoir, fear às an àite a bha na ghille aige, druim an ear-dheas. Is e 'slighe an luchd-turais' a th' air an t-slighe seo a-nis. Thoiribh an aire: ged is e seo an t-slighe 'as fhasa', feumar a bhith uabhasach cùramach air an t-slighe chreagaich, loim seoÀITE:SligeachanSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISDEIT:1949LINN:1940anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34445KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath