Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2573TUAIRISGEUL:Tha Marsco gu math follaiseach os cionn Ghlinn Shligeachan ann an dealbh seo. Is dòcha gu bheil Marsco air aon de na beanntan as grinne sa Chuiltheann Dearg. Tha e a' toirt mu shia uairean a thìde an sia mìle gu mullach na beinn is air ais a choiseachd. Tha Marsco mu 2416 troighean (764m) a dh'àirde. Faodar a dhol air cuairt timcheall air a' bheinn le bhith a' dol suas is sìos a' bheinn air slighean eadar-dhealaichte. Is e cuairt dhoirbh is dùbhlanach a th' ann ach is fhiach a dhèanamh oir tha deagh sheallaidhean rim faighinn mun cuairt a' gabhail a-steach a' Chuilthinn air fad, na sheasamh gu h-àrd os cionn Coire Harta. Chithear deagh eisimpleir de latha gus a' bheinn a shreap sa chairt-phuist seo. Chithear cho sàmhach sa tha an latha bho cho ciùin sa tha an loch. Ann an sìde mar seo agus an t-adhar cho soilleir, tha Garbh-bheinn (2644 troighean/806m) agus mullach eagach Bhlà Bheinn (a tha ri cùl na deilbhe) rim faicinn gu soilleir air cùlaibh MharscoÀITE:SligeachanSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISLINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34476KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath