Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2631TUAIRISGEUL:Seo cairt-phuist a-mach à sreath air an robh dealbhan den Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart agus na faclan airson òrain ainmeil. Chaidh an dealbh air a' chairt seo a pheantadh le Seòrsa W. Joy. Rugadh e ann am Baile Àtha Cliath agus rinn e an obair as mòr-chòrdte aige anns na 1890an, a' gabhail a-staigh cuspairean an latha, gnothaichean eachdraidheil is dealbhan-daoine. San deilbh seo, tha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart a' leigeil soraidh slàn le Flòraidh NicDhòmhnaill aig Taigh-òsta Mhic an Aba air 30 Ògmhios 1746 ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Thathar air tòrr romansachd a chur ris an sgeulachd mu mar a chuidich Flòraidh am Prionnsa anns na h-eileanan às dèidh Cùl Lodair. A dh'aindeoin seo, ge-tà, bhathar a' moladh Flòraidh fiù's aig an àm airson a gaisgeachd nuair a chuidich I am Prionnsa a bhith a' teicheadh bho shaighdearan an Riaghaltais air bàta eadar Beinn nam Faoghla agus an t-Eilean Sgitheanach.
Chaidh an t-òran 'Flora MacDonald's Lament' a sgrìobhadh le Seumas Hogg, 'Ciobair Eadaraig' a' cleachdadh fonn le Nèill òg GowÀITE:Port RìghSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Port RìghNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries - Illustrated postcardsID Maoin:34534KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath