Ceum na h-Aibhne, Inbhir Narann

Ceum na h-Aibhne, Inbhir Narann

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2675 TUAIRISGEUL: Staran ri taobh Abhainn Narann, agus drochaid na rèile air a chùlaibh. Dh'fhosgail stèisean rèile Inbhir Narann ann an 1855, nuair a chaidh crìoch a chur air Rèile Inbhir Nis is Narann. Ann an 1857 chaidh drochaid rèile Narann, air a deilbh le Iòseph Mitchell, a thogail. Nuair a bha togail na drochaid deiseil, chaidh loidhne Inbhir Nis gu Obair Dheathain fhosgladh ann an 1861. Tha Abhainn Narann a' ruith fon drochaid seo. An dèidh dhi èirigh anns a' Mhonaidh Liath, tha i a' sruthadh tro Shrath Narann fad 38 mìle mus taom i a-steach do Linne Mhoireibh aig Inbhir Narann ÀITE: Inbhir Narann SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann CREATOR (AV): J Valentine & Co. DEIT: 1931 LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34581 KEYWORDS_GAELIC: