Drochaid Dhulfhasaidh air UisgeÈireann, faisg air Inbhir Narann

Drochaid Dhulfhasaidh air UisgeÈireann, faisg air Inbhir Narann

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2676 TUAIRISGEUL: Drochaid Dhulfhasaidh, air a togail sna 1750an le clach-ghràinne Àrdchlaich, aig cosgais £150. Tha i a' ceangal chlaisean mòra creagach Uisge Èireann. Tha a' chreag air dàrna taobh na h-aibhne nas àirde na a' chreag air an taobh eile, a' fàgail na drochaid le coltas claointe oirre. Chluinnear gu tric daoine ag ràdh gur e drochaid an t-Seanalair Wade a th' ann an Drochaid Dhulfhasaidh, ach gu ceart, chaidh a togail leis an duine a thàinig às a dhèidh, am Màidsear Uilleam Caulfield, agus bha i na pàirt den rathad armailteach a bha a' ceangal Peairt agus Dùn Deòrsa. Chaidh an rathad seo a thogail eadar 1748 is 1757, an dèidh don ar-a-mach Seumasach ann an 1745 a bhith air a chasg. Bhàsaich Wade ann an 1748. Dh'fhuirich Raibeart Burns ann an 1787 aig Taigh-òsta an Rìgh a bha faisg air làimh, agus sgrìobh e: 'Come through mist and darkness to Dulsie to lie, Findhorn River, rocky banks'. ÀITE: Drochaid Dhulfhasaidh SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Àird Chlachan CREATOR (AV): J Valentine & Co. DEIT: 1884 (c) LINN: 1880an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34582 KEYWORDS_GAELIC: