Stàballan an Rìgh; Mòinteach Chùil Lodair

Stàballan an Rìgh; Mòinteach Chùil Lodair

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2708 TUAIRISGEUL: Togalach ris an canar 'Stàballan an Rìgh' a tha nan laighe ann an lagan dhen ainm Lagan an Stàbaill mu mhìle an iar air Raon Chùil Lodair. 'S e seann bhothan tughaidh a th' ann agus tha e air aithris gun do dh'fhuirich marc-shluagh an Rìgh an sin an dèidh a' bhlàr. Tha 'Kings Stables Station of English Cavalry after the Battle of Culloden' air a shnaidheadh air clach faisg air làimh. Chaidh Stàballan an Rìgh a thoirt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba le Eachann Foirbeis Chùil Lodair ann an 1944. B' e Blàr Chùil Lodair am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chaidh a chur air an t-16mh den Ghiblean 1746 nuair a chaidh ruaig a chur air arm nan Seumasach fon Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Seòras II fo stiùireadh Diùc Chumberland. Chuir am blàr crìoch air dòchas nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail Bhreatainn ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34612 KEYWORDS_GAELIC: