Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2720TUAIRISGEUL:Clach Chumberland, ulbhag aibheiseach fada chun an taobh an ear air Raon Chùil Lodair. Tha mòran air aithris mun chloich seo. Tha aon sgeulachd ag ràdh gun do stiùir Diùc Chumberland am blàr agus e na sheasamh air an ulbhaig seo. Ach, Tha luchd-eachdraidh den bheachd a-nis gur ann air muin eich a bha e aig an àm ach gur dòcha gun tug e sùil air a' bhlàr bhuaipe na bu thràithe. Tha aithris eile dhen bheachd gun do dh'ith an Diùc biadh aig a' chloich an dèidh a' bhlàr.
Rugadh Uilleam Augustus Hanover, Diùc Chumberland, am bràthair a b' òige aig Seòras III, ann an 1721 agus chaochail e nuair a bha e 44 bliadhna a dh'aois ann an 1765. Fhuair e a chliù gu sònraichte airson a' phàirt a bha aige ann am Blàr Chùil Lodair ann an 1746. B' ann fo a stiùireadh a chaidh ruaig a chur air na Seumasaich fon Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Sheòrais II agus aig an aon àm a' cur crìoch air dòchas nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail BhreatainnÀITE:Mòinteach Chùil LodairSGÌRE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34624KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath