Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2727TUAIRISGEUL:Uaighean nam Fineachan air Raon Chùil Lodair. Tha clachan-cuimhne a' comharrachadh uaighean nan diofar fhineachan a shabaid còmhla ri Teàrlach Eideard Stiùbhart ann an 1746 sgapte air feadh a' bhlàr. Cuideachd tha càrn-cuimhne a tha fichead troigh a dh'àirde ann a chaidh a thogail le Donnchadh Foirbeis, Chùil Lodair ann an 1881 leis an sgrìobhadh seo air:
'The Battle of Culloden was fought on this moor 16th April, 1746. The graves of the Gallant Highlanders who fought for Scotland and Prince Charlie are marked by the names of their clans'.
Chaidh na h-Uaighean, an Càrn-cuimhne agus Stàballan an Rìgh a thoirt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba le Eachann Foirbeis Chùil Lodair ann an 1944.
B' e Blàr Chùil Lodair a bha am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chaidh a chur air an 16mh den Ghiblean 1746 nuair a chaidh ruaig a chur air an arm Seumasaich fo Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Sheòrais II fo stiùireadh an Diùc Chumberland. Chuir am blàr crioch air dòchasan nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail BhreatainnÀITE:Mòinteach Chùil LodairSGÌRE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34631KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath