Blàr Chùil Lodair

Blàr Chùil Lodair

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_2732 TUAIRISGEUL: Uaighean nam Fineachan air Raon Blàr Chùil Lodair. Tha clachan-cuimhne a' comharrachadh uaighean nan diofar fhineachan a shabaid còmhla ri Teàrlach Eideard Stiùbhart ann an 1746 sgapte air feadh a' bhlàr. Cuideachd tha càrn-cuimhne a tha fichead troigh a dh'àirde ann a chaidh a thogail le Donnchadh Foirbeis, Chùil Lodair ann an 1881 leis an sgrìobhadh seo air: 'The Battle of Culloden was fought on this moor 16th April, 1746. The graves of the Gallant Highlanders who fought for Scotland and Prince Charlie are marked by the names of their clans'. Chaidh na h-Uaighean, an Càrn-cuimhne agus Stàballan an Rìgh a thoirt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba le Eachann Foirbeis Chùil Lodair ann an 1944. B' e Blàr Chùil Lodair a bha am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chaidh a chur air an 16mh den Ghiblean 1746 nuair a chaidh ruaig a chur air an arm Seumasaich fo Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Sheòrais II fo stiùireadh an Diùc Chumberland. Chuir am blàr crioch air dòchasan nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail Bhreatainn ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 34636 KEYWORDS_GAELIC: