Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2779TUAIRISGEUL:Tràigh Inbhir Narann. 'S e Taigh-òsta Rìoghail na Mara, air a thogail an 1860, a tha san togalach mhòr ri taobh chlì an deilbh. 'S e Dr Griogair à Inbhir Narann, a chunnaic cho math 's a dh'fhaodadh an t-àite a bhith mar bhaile turasachd, a dh'adhbhraich a thogail. Chaidh an taigh-òsta a leagail aig deireadh nan 1990an agus chaidh flataichean a thogail na àite.
Tha Inbhir Narann na bhorgh rìoghail air oir a deas Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e 'Invernairn' a bh' air uaireigin ann am Beurla, dìreach mar a tha sa Ghàidhlig, leis mar a bha e aig beul Abhainn Narann. Mus tàinig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann ann an 1855, bha Inbhir Narann na bhaile de mhargaidh is de thuathanachd na b' fhaide bhon chost na am Bail' Iasgaich, àite iasgaich aig muinntir Lochlainn, tha a h-uile coltas, a thàinig a dh'fhuireach ro 1000AD.ÀITE:Inbhir NarannSIORRACHD/PARRAIST:SIORRACHD NARANN: Inbhir NarannCREATOR (AV):J Valentine & Co.DEIT:1931LINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34683KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath