Dearbh-aithne:QZP40_CARD_2979TUAIRISGEUL:Sa chairt-phostachd seo tha sealladh san t-sneachd air Gleann Nibheis, gleann àlainn ann an Loch Abar a tha na laighe gu deas air a' Ghearasdan, shìos fo aodann a deas Beinn Nibheis, a' bheinn as àirde sna h-Eileanan Breatannach. Chaidh cuid de na pìosan on fhilm 'Braveheart' a thogail sa ghleann seo.
'S fhada bhon bha ceanglaichean aig Gleann Nibheis ri Clann Chamshroin, a bha nan luchd-taic daingeann air taobh nan Stiùbhartan. Aig àm ar-a-mach nan Seumasach 1745, rinn am Prionnsa Teàrlach a phrìomh àite-riaghlaidh ann an Taigh Ghleann Nibheis. B' ann às a sin a bha na h-ionnsaighean air na saighdearan Sasannach sa Ghearasdan air am planadh.ÀITE:Gleann NibheisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:34862KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath