Sealladh bhon adhar de Loch Lìobhann agus Ceann Loch Lìobhann
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3460TUAIRISGEUL:Sealladh bho àirde a' coimhead sìos air baile Cheann Loch Lìobhann agus Loch Lìobhann chun an iar. Tha am baile suidhichte dìreach gu deas air A; Ghearasdan, am measg cuid de na seallaidhean as taitniche agua as gairbhe air Ghàidhealtachd.
'S e loch-mara air taobh an iar na h-Alba a th'ann an Loch Lìobhann, anns a bheil goirid air naoi mìle de dh'fhad, leis an leud as motha beagan agus mìle. Tha baile Ghleann Comhann suidhichte air a chladach a deas agus Ceann Loch Lìobhann aig a' cheann an ear.
Dh'fhàs Ceann Loch Lìobhann, suidhichte aig ceann an ear Loch Lìiobhann, timcheall air an Fhactaraidh Giullachd Alùmanum aig toiseach an fhicheadamh linn. Chaidh taighean a thogail gu luath airson dèiligeadh ris an luchd-obrach a bha a' sìor fhàs. Ann an 1907, chaidh dam dealan-uisge a thogail le Companaidh Alùmanum Bhreatainn. Aig 914 meatair a dh'fhaid 's e an dam as fhaide air a' Ghàidhealtachd.
Chan eil an fhactaraidh alùmanum fhathast ag obair an-diugh agus tha a' cheàrnaidh a' faighinn a' chuid mhòr de a teachd-a-steach bho thurasachd. Tha na seallaidhean drùidhteach a' tabhann pailteas chothroman do choisichean-cnuic agus tha an 'Ice Factor' faisg air làimh, am balla-sreap deighe a-staigh as motha air an t-saoghal air inbhe na ceàrnaidh a thoirt air adhart anns na bliadhnachadh mu dheireadhÀITE:Ceann Loch LìobhannSGÌRE:Ceann a Tuath LatharnaSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An ApainnNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35306KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath