Ceann Loch Lìobhann agus Sgurr na Cìche

Ceann Loch Lìobhann agus Sgurr na Cìche

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_3464 TUAIRISGEUL: Sealladh a' coimhead chun an iar-dheas à baile Cheann Loch Lìobhann, thar Loch Lìobhann, gu Gleann Comhainn. Tha Ceann Loch Lìobhann suidhichte an ear-dheas air A' Ghearasdan. Chithear Beanntan a' Mhàim Mhòir, anns a bheil deich Rothaich, air a cùlaibh. Dh'fhàs Ceann Loch Lìobhann, suidhichte aig ceann an ear Loch Lìiobhann, timcheall air an Fhactaraidh Giullachd Alùmanum aig toiseach an fhicheadamh linn. Chaidh taighean a thogail gu luath airson dèiligeadh ris an luchd-obrach a bha a' sìor fhàs. Ann an 1907, chaidh dam dealan-uisge a thogail le Companaidh Alùmanum Bhreatainn. Aig 914 meatair a dh'fhaid 's e an dam as fhaide air a' Ghàidhealtachd. Chan eil an fhactaraidh alùmanum fhathast ag obair an-diugh agus tha a' cheàrnaidh a' faighinn a' chuid mhòr de a teachd-a-steach bho thurasachd. Tha na seallaidhean drùidhteach a' tabhann pailteas chothroman do choisichean-cnuic agus tha an 'Ice Factor' faisg air làimh, am balla-sreap deighe a-staigh as motha air an t-saoghal air inbhe na ceàrnaidh a thoirt air adhart anns na bliadhnachadh mu dheireadh ÀITE: Ceann Loch Lìobhann SGÌRE: Ceann a Tuath Latharna SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 35310 KEYWORDS_GAELIC: