Caolas Chataibh bho Chnoc na Srùidh

Caolas Chataibh bho Chnoc na Srùidh

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_3686 TUAIRISGEUL: Cairt-phuist de Chaolas Chataibh bhon Chnoc na Srùidh. 'S e caolas air oirthir an ear na Gàidhealtachd ann an ceann a tuath na h-Alba a th' ann an Caolas Dhòrnaich. Tha e a' dèanamh an-àirde pàirt den chrìoch eadar Ros agus Crombaidh, gu deas, agus Cataibh, gu tuath. Còmhla ri Loch Fleòd tha e air a shònrachadh mar Aìte Sònraichte Dìona (SPA) airson adhbhar gleodhteachais fiadh-bheatha. A thuilleadh air an sin, còmhla ris a' Mhoirich Mhòr, Tha e air a shònarachadh mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais. Ann an 1991 chaidh drochaid a chur thar a' chaolais a bha a' toirt slighe na bu ghiorra air an A9 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa; chun an sin dh'fheumadh an trafaig a dhol taobh Drochaid a' Bhanna aig ceann an locha. Tha Cnoc ann an taobh Sear Rois, Cnoc na Srùidh, ag èirigh gu àirde 373m (1223 troigh) gu deas air Caolas Dhòrnaich, 7 mìle (11km) an iar-thuath air Baile Dhubhaich. B' àbhaist gum b' e rathad dròbha a bh'anns am B9176 Rathad na Srùidh à Alanais gu Drochaid a' Bhanna a chaidh a leasachadh leis a' Choimisean airson Rathaidean agus Drochaidean na Gàidhealtachd ann an 1810-15 ÀITE: Cnoc na Srùaidh SIORRACHD/PARRAIST: ROS NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 35522 KEYWORDS_GAELIC: