Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3694TUAIRISGEUL:Cairt-phuist de Chathair-eaglais Dhòrnaich, Dòrnach, Cataibh.
'S e eaglais paraiste ann an Eaglais na h-Alba a tha ann a' Chathair-eaglais Dhòrnaich, a tha a' frithealadh do bhaile beag Dhòrnaich ann an Cataibh, air Gàidhealtachd na h-Alba. Chaidh a togail anns an 13mh linn, nuair a bha Rìgh Alasdair II a' riaghladh (1214-49) agus Gillebrìde de Moravia (a bhàsaich 1245) na easbaig (an dèidh sin Naomh Gillebrìde an Dòrnaich), mar chathair-eaglais na sgìre-easbaigich (a ghluais a Dhòrnach à Hacraig).
Ann an 1570, chaidh a' Chathair-eaglais a chur na teine ann an còmhstri ionadail. Cha deach làn 'chàradh' (dèanamh suas as ùr ro mhòr 's a chaidh a dhèanamh air togalach cudromach nam meadhan linntean Albannach sam bith) a dhèanamh gu tràth anns an 19mh linn le Ban-diùc Chataibh. Am measg nan 'leasachaidhean' a chaidh a dhèanamh, chaidh an corp-eaglaise nam meadhan linntean a bha millte ach a bha an ìre mhath slàn a leagail agus chaidh corp-eaglaise ùr cumhang gun cholbhan a thogail air an làrach. Chaidh a taobh a-staigh ath-òrdachadh anns na 1920an nuair a chaidh an obair phlasd bho Linn Bhictòria a thoirt air falbh gus a' chlach a leigeil ris (ach thoiribh an aire gun biodh obair plasd air feadh eaglais nam meadhan linntean). Chaidh làrach an àrd altair meadhan-aoiseil àrdachadh agus chaidh seo atharrachadh gu àite tiodhlacaidh dhan teaghlach Shutharlanach a thug a-steach cuimhneachain mhòra marmoir a bha coimheach do choltas tùsail an togalaich.
Tha Caisteal Dhòrnaich, na chaidh ath-thogail de lùchairt meadhan linntean Easbaigean Cataibh, ri taobh cladh na Cathair-eaglaisÀITE:DòrnachSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: DòrnachNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35530KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath