Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3709TUAIRISGEUL:Cairt-phuist de Chaisteal Dhùn Robain, Cataibh.
Tha Caisteal Dhùn Robain air a bhith na dhachaigh do dh'Iarlan agus Diùcan Chataibh bhon 13mh linn agus bha iomradh air mar dhaingneach an teaghlaich ann an 1401.
'S e aon de na seachd iarlachdan aosta ann an Alba a bh' ann an Iarlachd Chataibh agus b' e na Suthurlanaich aon de na teaghlaichean bu chumhachdaiche ann am Breatainn le mòran cheanglaichean pòsaidh agus fearainn chudromach.
Chaidh Iarlachd Chataibh a chruthachadh ann an 1235 agus tha e coltach gu bheil caisteal air a bhith na sheasamh air an làrach seo bhon uair sin, ' dòcha air làrach seann dhùn bho na meadhan linntean. Tha an t-ainm Dùn Robain on Ghàidhlig agus 's dòcha gun tàinig an t-ainm bho Raibeart, an 6mh Iarla Chataibh a bhàsaich ann an 1427.
'S e tùr-dìona mòr, ceàrnagach a bh' anns a' chiad chaisteal le ballachan anns an robh sia troighean de leud agus mullach le bogha a bha na sheasamh air mullach bearraidh. Bha an tùr-dìona leis fhèin gus an deach staidhre agus taigh àrd a chur ris dà cheud bliadhna no mar sin as dèidh làimhe.
Chaidh a chuartachadh le sreath de leasachaidhean eile bhon t-16mh linn. Chaidh leasachadh mòr a thogail ann an 1785. Ach gu h-iongantach tha a' chiad tùr-dìona fhathast ann ged a tha e air atharrachadh gu mòr, am measg nan leasachaidhean seo a tha a' ciallachadh gur e Dun Robain aon de na dachaighean as sine anns a bheil daoine a' fuireach ann an Alba.
S e inbhir a tha ann an Caolas Chataibh a tha a' sgarradh Chataibh bho Shiorrachd Rois. Tha e a' sruthadh a-steach do Chaolas Dhòrnaich agus tha na h-aibhnichean Oiceall, Sìn agus Carran a' sruthadh a-steach annÀITE:Caisteal Dhùn RobainSGÌRE:Goillspidh, Roaghard agus An LuirgSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: GoillspidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35545KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath