Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3714TUAIRISGEUL:Cairt-phuist de Bheinn Laoghal, faisg air Tunga, Cataibh.
S e beinn iomallach de 764m a dh'àirde ann an Cataibh, aig ceann iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann am Beinn Laoghal. 'S e Corbett a th'innte a tha deas air Caolas Thunga, agus tha i a' toirt sealladh math den Chaolas, Loch Laoghal chun an ear, agus Beinn Hòb chun aniar.
Tha cumadh sònraichte oirre air sgàth air nan ceithir stùcan creagach, agus 's e An Caisteal a th' air an fhear as àirde dhiubh sin. Gu tuath air A' Chaisteal tha Sgòr Chaonasaid (712m), gu deas tha A' Bheinn Bheag (744 m), nach fhaicear san dealbh mu choinneamh seo agus chun an iar tha druim Sgòr a' Chèirich, anns a bheill 644 m aig a' phuing as àirde. 'S e Sgòr Fionnaich, 568m, an ceathramh mullach san dealbh.
Gheibhear thuice air frith-rathad tuathanais a tha a' tighinn thuice bho thuath a' tòiseachadh aig tuathanas air a bheil RibigilÀITE:Beinn LaoghalSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBHNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35550KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath